Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:16

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ris a’ mhnaoi thubhairt e, Meudaichidh mi gu mòr do dhoilgheas agus do thorrachas; am pèin beiridh tu clann, agus rid fhear bidh do thogradh, agus bidh uachdaranachd aige ort.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

30 Iomraidhean Croise  

Ma nì thu gu math, nach gabhar riut? Agus mura dèan thu gu math, aig an doras tha peacadh na laighe. Agus riutsa bidh a thogradh, agus bidh uachdaranachd agad air.

Agus bha Iabes na b’urramaiche na a bhràithrean: agus thug a mhàthair Iabes mar ainm air, ag ràdh, A chionn gun do rug mi e le doilgheas.

Agus nuair a chluinnear àithne an rìgh a bheir e seachad air feadh a rìoghachd uile (oir tha i mòr), bheir na mnathan uile urram dam fir, eadar mhòr agus bheag.

Ghlac geilt-chrith iad an sin, pian mar phèin mnà ri saothair.

Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn.

Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair-chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi.

De shaothair a anama chì e, agus bidh e toilichte. Le eòlas airsan nì m’òglach fìreanach mòran fhìreanachadh; oir giùlainidh e an euceartan.

Ciod a their thu nuair a thig smachdachadh ort? An dèidh dhut a theagasg dhaibh riaghladh tharad mar cheannardan? Nach dèan ioghannan do ghlacadh, amhail mnà ri saothair?

O thusa a tha ag àiteachadh Lebanoin, a tha a’ dèanamh do nid ann an seudaran, cia gràsmhor a bhios tu nuair a nì piantan greim ort, goimh amhail mnà ri saothair!

Gu cinnteach chuala mi glaodh amhail mnà ri saothair, teanntachd amhail mnà ri breith a ciad leinibh, glaodh nighean Shioin; a’ caoidh, a’ sgaoileadh a bas, agus ag ràdh, Mo thruaighe mise a‑nis, oir tha m’anam air a chlaoidh le luchd-mortaidh!

Tha Damascas air fàs lag, tha e ga thionndadh fhèin gu teicheadh, agus fhuair eagal greim air; ghlac teanntachd e, agus ioghannan, mar mhnaoi ri saothair.

Chuala sinn iomradh air seo: dh’fhàs ar làmhan lag: tha goimh air dèanamh greim oirnn; pian, amhail mnà ri saothair chloinne.

Na bòidean, agus na mionnan sin uile a cheanglas a‑chum an t‑anam a chràdh, faodaidh a fear an daingneachadh, no faodaidh a fear an cur air chùl.

Nuair a bhios bean ri saothair chloinne, bidh i fo dhoilgheas, a chionn gu bheil a h‑uair air teachd: ach nuair a bheireas i an leanabh, cha chuimhnich i a h‑àmhghar nas mò, tre aoibhneas gun do rugadh duine a‑chum an t‑saoghail.

Ach bu mhiann leam fios a bhith agaibh gur e Crìosd ceann gach fir, agus gur e am fear ceann na mnà, agus gur e Dia ceann Chrìosd.

Biodh ur mnathan nan tosd anns na h‑eaglaisean; oir chan eil e ceadaichte dhaibh labhairt; ach is còir dhaibh a bhith umhail, mar tha an lagh mar an ceudna ag ràdh.

Chan eil comas a cuirp fhèin aig a’ mhnaoi, ach aig an fhear: agus mar an ceudna chan eil comas a chuirp fhèin aig an fhear, ach aig a’ mhnaoi.

A mhnathan, bithibh umhail dur fir fhèin, mar as cubhaidh, anns an Tighearna.

Oir nuair a their iad, Sìth agus tèarainteachd, an sin thig sgrios obann orra, mar shaothair air mnaoi thorraich; agus cha tèid iad as.

Oir is e Adhamh a chruthaicheadh air tùs, agus na dhèidh sin Eubha.

Gidheadh tèarnar i tre bhreith cloinne, ma bhuanaicheas iad ann an creideamh, agus ann an gràdh, agus ann an naomhachd, maille ri stuaim.

A bhith eagnaidh, geamnaidh, fantainn aig an taigh, a bhith math, umhail dam fir a‑chum nach faigh facal Dhè mì‑chliù.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan