Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an Tighearna Dia ris an nathair, A chionn gun do rinn thu seo, tha thu mallaichte thar gach ainmhidh, agus thar uile bheathaichean na machrach; air do bhroinn imichidh tu, agus duslach ithidh tu uile làithean do bheatha:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus bha an nathair na bu sheòlta na aon de bheathaichean na machrach a rinn an Tighearna Dia. Agus thubhairt i ris a’ mhnaoi, Seadh, an dubhairt Dia, Chan ith sibh de gach craoibh anns a’ ghàrradh?

Agus a‑nis tha thu mallaichte on talamh, a dh’fhosgail a bheul a ghabhail fuil do bhràthar od làimh.

Ge bè a dhòirteas fuil duine, le duine dòirtear a fhuil-san: oir ann an dealbh Dhè rinn e an duine.

Na fhianais sleuchdaidh sìos luchd-còmhnaidh an fhàsaich, agus imlichidh a naimhdean an ùir.

Agus bheirear a‑nuas thu, agus labhraidh tu as an talamh, agus bidh do chainnt ìosal as an duslach; agus thig do ghuth a‑mach as an talamh, mar fhiosaiche, agus nì do chainnt borbhanaich as an duslach.

Nì am madadh-allaidh agus an t‑uan ionaltradh le chèile; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach is e an duslach as biadh don nathair. Cha dochainn agus cha mhill iad nam shliabh naomh-sa uile, deir an Tighearna.

Cuiridh sibh uime sin eadar-dhealachadh eadar beathaichean glan agus neòghlan, agus eadar eunlaith neòghlan agus ghlan; agus cha dèan sibh ur n‑anaman gràineil le beathach no le eun, no le gnè air bith de nì beò a shnàigeas air an talamh, a sgar mise uaibh mar neòghlan.

Imlichidh iad an duslach mar nathair; gluaisidh iad a‑mach as an tuill mar chnuimhean na talmhainn: bidh eagal orra ron Tighearna ar Dia-ne, agus bidh iad fo gheilt air do shon-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan