An sin thàinig Ioab a dh’ionnsaigh an rìgh, agus thubhairt e, Ciod e a rinn thu? Feuch, thàinig Abner ad ionnsaigh; carson seo a chuir thu air falbh e, agus gun amharas dh’imich e?
Agus thubhairt e ris, Is fàidh mise mar an ceudna mar thu fhèin, agus labhair aingeal rium le facal an Tighearna, ag ràdh, Thoir air ais leat e dod thaigh, a‑chum is gun ith e aran, agus gun òl e uisge. Ach rinn e breug dha.
Ach ma bheireas i leanabh nighinn, an sin bidh i neòghlan dà sheachdain, mar na dealachadh: agus fanaidh i ann am fuil a glanaidh trì-fichead agus sia làithean.
An sin bha na daoine fo anbharr eagail, agus thubhairt iad ris, Carson a rinn thu seo? (Oir thuig na daoine gun do theich e o làthair an Tighearna; oir dh’innis e dhaibh.)
Ach tha eagal orm, mar a mheall an nathair Eubha le a cuilbheartachd, mar sin gun truaillear, air dòigh sam bith, ur n‑inntinn-se on aon-fhillteachd a tha ann an Crìosd.
Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gum faca mi gu robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach tàinig thu an taobh a‑staigh den àm shuidhichte, agus gun do chruinnich na Philistich iad fhèin an ceann a chèile gu Michmas;
Agus thubhairt Saul, O na h‑Amalecich thug iad iad; oir chaomhain an sluagh a’ chuid a b’fheàrr de na caoraich, agus den bhuar, a‑chum an ìobradh don Tighearna do Dhia; agus a’ chuid eile sgrios sinn gu tur.