Agus thubhairt e, Cò a dh’innis dhut gu robh thu lomnochd? An d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut gun ithe dhith?
Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth anns a’ ghàrradh, agus bha eagal orm, a chionn gu robh mi lomnochd; agus dh’fhalaich mi mi fhèin.
Agus thubhairt an duine, A’ bhean a thug thu gu bhith maille rium, thug ise dhomh den chraoibh, agus dh’ith mi.
Agus thubhairt esan, Ciod a rinn thu? Tha guth fuil do bhràthar ag èigheach riumsa on talamh.
Na nithean seo rinn thu, agus bha mise am thosd; shaoil thu gu robh mi gu tur mar thu fhèin; cronaichidh mi thu, agus cuiridh mi gach nì an òrdagh fa chomhair do shùl.
Uime sin cha bhi feòil air bith air a fìreanachadh na fhianais-san, tre obraichean an lagha: oir is ann tre an lagh a tha eòlas peacaidh.