Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 3:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, Chuala mi do ghuth anns a’ ghàrradh, agus bha eagal orm, a chionn gu robh mi lomnochd; agus dh’fhalaich mi mi fhèin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus bha iad le chèile lomnochd, an duine agus a bhean, agus cha robh nàire orra.

Agus thubhairt e, Cò a dh’innis dhut gu robh thu lomnochd? An d’ith thu den chraoibh, a dh’àithn mise dhut gun ithe dhith?

Agus dh’fhosgladh an sùilean le chèile, agus dh’aithnich iad gu robh iad lomnochd; agus dh’fhuaigh iad duilleach croinn-fhìge ri chèile, agus rinn iad dhaibh fhèin aprain.

Uime sin tha fiamh orm na fhianais; nuair a bheir mi fa‑near, tha eagal orm roimhe:

Ma cheil mi, mar Adhamh, m’easaontais, lem euceart fhalach am uchd:

Chriothnaich m’fheòil le uamhann romhad, agus bha eagal orm rod bhreitheanais.

Agus mhothaich an sluagh uile na tàirneanaich, agus na dealanaich, agus fuaim na trompaid, agus an sliabh fo dheataich: agus nuair a chunnaic an sluagh sin, ghluais iad, agus sheas iad fada o làimh.

Agus thubhairt iad ri Maois, Labhair thusa rinn, agus èisdidh sinn: ach na labhradh Dia rinn, air eagal gum faigh sinn bàs.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Agus nuair a chunnaic Maois gu robh an sluagh rùisgte (oir rùisg Aaron iad a‑chum an nàire am measg an naimhdean),

Tha na peacaich ann an Sion fo eagal; ghlac uamhann na cealgairean: cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri teine millteach? Cò nar measg a ghabhas còmhnaidh maille ri lasraichean sìorraidh?

Leigear ris do lomnochdaidh, chìthear eadhon do nàire; nì mi dìoghaltas, cha choinnich mi thu mar dhuine.

Agus cò as a ghabh thu eagal agus fiamh, gun do rinn thu breug, agus nach do chuimhnich thu ormsa, cha mhò a thug thu fa‑near? Nach d’fhan mise am thosd eadhon o chian, agus chan eil eagal ort romham?

A‑nis uime sin carson a gheibheamaid bàs? Oir loisgidh an teine mòr seo sinn. Ma chluinneas sinn guth an Tighearna ar Dia tuilleadh, an sin bàsaichidh sinn.

Oir ma dhìteas ar cridhe sinn, is mò Dia na ar cridhe, agus is aithne dha na h‑uile nithean.

Feuch, tha mi a’ teachd mar ghadaiche. Is beannaichte esan a nì faire, agus a ghleidheas a èideadh, a‑chum nach imich e lomnochd, agus nach faic daoine a nàire.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan