Agus thubhairt e riu, An aithne dhuibh Làban mac Nahoir? Agus thubhairt iadsan, Is aithne dhuinn.
Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn.
Agus thubhairt i ris, Is mise nighean Bhetueil, mac Mhilcah, a rug i do Nàhor.
Agus bha bràthair aig Rebecah dom b’ainm Làban: agus ruith Làban a dh’ionnsaigh an duine a‑mach a‑chum an tobair.
Gun tugadh Dia Abrahàim, agus Dia Nahoir, Dia an athar, breith eadarainn. Agus mhionnaich Iàcob air eagal a athar, Isaac.