Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 29:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Iàcob riu, Mo bhràithrean, cia as a thàinig sibh? Agus thubhairt iadsan, O Hàran thàinig sinne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus ghabh Tèrah Abram a mhac, agus Lot mac Hàrain, mac a mhic, agus Sàrai a bhan-chliamhainn, bean Abraim a mhac; agus chaidh iad a‑mach maille riu à Ur nan Caldèach, gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad gu Hàran, agus ghabh iad còmhnaidh an sin.

Agus ghabh an seirbhiseach deich càmhail de chàmhail a mhaighistir, agus dh’fhalbh e; oir bha maoin a mhaighistir uile aige fo a làimh: agus dh’èirich e, agus chaidh e gu Mesopotamia, gu baile Nahoir.

A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth; agus èirich, teich a dh’ionnsaigh mo bhràthar Làban do Hàran;

Agus chaidh Iàcob a‑mach o Bheer-sèba, agus chaidh e gu Hàran.

Agus chruinnicheadh a dh’ionnsaigh sin na treudan uile; agus charaich iad a’ chlach bhàrr beul an tobair, agus thug iad uisge do na caoraich, agus chuir iad a’ chlach a‑rìs air beul an tobair na h‑àite fhèin.

Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.

An sin chaidh esan a‑mach à talamh nan Caldèanach, agus ghabh e còmhnaidh ann an Haran: agus as a sin, an dèidh bàs a athar, dh’atharraich e e don fhearann seo anns a bheil sibhse a‑nis nur còmhnaidh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan