Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an Sirianach o Phadan-àram, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi.
Nuair a chunnaic Esau gun do bheannaich Isaac Iàcob, agus gun do chuir e air falbh e do Phadan-àram, a ghabhail mnà dha fhèin as a sin; agus nuair a bheannaich e e, gun tug e àithne dha, ag ràdh, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain;
An t‑sùil a nì magadh air a athair, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i.