Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 28:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir Isaac air falbh Iàcob, agus chaidh e do Phadan-àram, gu Làban, mac Bhetueil an Sirianach, bràthair Rebecah, màthair Iàcoib agus Esau.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Betuel Rebecah: an ochdnar sin rug Milcah do Nàhor, bràthair Abrahàim.

Agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, e fhèin agus na daoine a bha maille ris, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche: agus dh’èirich iad anns a’ mhadainn; agus thubhairt esan, Cuiribh air falbh mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir.

Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an Sirianach o Phadan-àram, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi.

A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth; agus èirich, teich a dh’ionnsaigh mo bhràthar Làban do Hàran;

Eirich, imich do Phadan-àram, do thaigh Bhetueil, athair do mhàthar, agus gabh dhut fhèin as a sin bean de nigheanan Làbain, bràthair do mhàthar.

An sin dh’imich Iàcob air a thuras, agus chaidh e do dhùthaich daoine na h‑àird an ear.

Agus dh’innis Iàcob do Rachel gum b’e bràthair a h‑athar e, agus gum b’e mac Rebecah e: agus ruith i, agus dh’innis i da h‑athair.

Agus thàinig Dia gu Làban an Sirianach ann an aisling anns an oidhche, agus thubhairt e ris, Thoir an aire nach labhair thu ri Iàcob aon chuid math no olc.

Agus thàinig Iàcob a‑chum Isaaic, a athair, do Mhamre, gu baile Arbah, eadhon Hebron, far an robh Abrahàm agus Isaac air chuairt.

B’i Siria do cheannaiche airson lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu: rinn iad malairt ann ad mhargaidhean le emeraild, purpar, agus obair ghrèise, agus anart grinn, agus coireal, agus agat.

Ach theich Iàcob gu dùthaich Shiria; agus rinn Israel seirbhis airson mnà; agus airson mnà ghlèidh e caoraich.

Agus freagraidh tu agus their thu an làthair an Tighearna do Dhia, Bu Shirianach air sheòl a bhith caillte m’athair, agus chaidh e sìos don Eiphit, agus bha e air chuairt an sin le beagan cuideachd, agus dh’fhàs e an sin na chinneach mòr, cumhachdach, agus lìonmhor:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan