Agus gum beannaicheadh Dia Uile-chumhachdach thu, agus gun dèanadh e sìolmhor thu, agus gun tugadh e ort fàs lìonmhor, air chor is gum bi thu ad cho-chruinneachadh chinneach:
Agus bheannaich Dia iad, agus thubhairt Dia riu, Sìolaichibh, agus fàsaibh lìonmhor, agus lìonaibh an talamh, agus ceannsaichibh e: agus biodh uachdaranachd agaibh os cionn èisg na mara, agus os cionn eunlaith nan speur, agus os cionn gach nì beò a ghluaiseas air an talamh.
Agus nì mi do shliochd mar dhuslach na talmhainn: ionnas, ma bhios e an comas do dhuine duslach na talmhainn àireamh, an sin gun àirmhear do shliochd-sa mar an ceudna.
Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard-dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr.
Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad.
Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.
Agus bheir mi air do shliochd fàs lìonmhor mar reultan nèimh, agus bheir mi dod shliochd na dùthchannan sin uile: agus beannaichear ann ad shliochd-sa uile chinnich na talmhainn;
Agus chriothnaich Isaac le ball-chrith anabarraich, agus thubhairt e, Cò, càit a bheil esan a ghlac sidheann, agus a thug i am ionnsaigh, agus dh’ith mi den iomlan mun tàinig thusa? Agus bheannaich mi e, seadh agus beannaichte bidh e.
Agus thubhairt Dia ris, Is mise an Dia Uile-chumhachdach; bi sìolmhor agus fàs lìonmhor: thig cinneach agus coitheanal chinneach uat, agus thig rìghrean a‑mach as do leasraidh.
Agus gun tugadh Dia Uile-chumhachdach tròcair dhuibh an làthair an duine, a‑chum is gun leig e air falbh leibh ur bràthair eile, agus Beniàmin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad.
Agus thubhairt e rium, Feuch, nì mise sìolmhor agus lìonmhor thu, agus nì mi thu ad choitheanal chinneach, agus bheir mi am fearann seo dod shliochd ad dhèidh mar sheilbh shìorraidh.
Eadhon le Dia d’athar, a nì còmhnadh leat, agus leis an Uile-chumhachdach, a bheannaicheas thu le beannachdan nèimh on àirde, beannachdan na doimhne shìos, beannachdan nan cìoch, agus na bronn.
Agus dh’fhoillsich mi mi fhèin do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, le ainm an Dè Uile-chumhachdaich, ach lem ainm Iehòbhah cha robh mi aithnichte dhaibh.
Agus, feuch, thàinig Bòas o Bhetlehem, agus thubhairt e ris na buanaichean, Gu robh an Tighearna maille ribh: agus fhreagair iadsan, Gum beannaicheadh an Tighearna thusa.