Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 28:1

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghairm Isaac air Iàcob, agus bheannaich e e, agus dh’àithn e dha, agus thubhairt e ris, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh agus Dia na talmhainn, nach gabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, am measg a bheil mise am chòmhnaidh:

Agus thug mo mhaighistir ormsa mo mhionnan a thoirt, ag ràdh, Cha ghabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, muinntir a tha mise a chòmhnaidh nam fearann:

Ach thèid thu dom dhùthaich fhèin, agus a‑chum mo luchd-dàimh, agus gabhaidh tu bean dom mhac Isaac.

Agus dèan dhomh biadh blasda, mar as ionmhainn leam, agus thoir am ionnsaigh e, agus gun ith mi; a‑chum is gum beannaich m’anam thu mum faigh mi bàs.

Agus thubhairt Rebecah ri Isaac, Tha mi sgìth dem bheatha airson nigheanan Het: ma ghabhas Iàcob bean de nigheanan Het, mar iadsan a tha de nigheanan na dùthcha, ciod am math a nì mo bheatha dhòmhsa?

Nuair a chunnaic Esau gun do bheannaich Isaac Iàcob, agus gun do chuir e air falbh e do Phadan-àram, a ghabhail mnà dha fhèin as a sin; agus nuair a bheannaich e e, gun tug e àithne dha, ag ràdh, Cha ghabh thu bean de nigheanan Chanàain;

An sin bheir sinne ar nigheanan dhuibhse, agus ur nigheanan-se gabhaidh sinn dhuinne, agus gabhaidh sinn còmhnaidh maille ribh, agus bidh sinn nar n‑aon sluagh.

Agus dèanaibh ceanglaichean-pòsaidh rinne; ur nigheanan-sa thugaibh dhuinne, agus ar nigheanan-ne gabhaidh sibh dhuibhse.

Agus chunnaic Iùdah an sin nighean Canàanaich àraidh, dom b’ainm Suah: agus ghabh e i, agus chaidh e a‑steach da h‑ionnsaigh.

Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh,

Is iad sin uile dà‑threubh-dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad.

Agus a chunnaic mic Dhè nigheanan dhaoine, gu robh iad sgiamhach; ghabh iad dhaibh fhèin mnathan de gach uile a roghnaich iad.

Gabhaibh mnathan, agus ginibh mic agus nigheanan; agus gabhaibh mnathan dur mic, agus thugaibh ur nigheanan do fhir, a‑chum gum beir iad mic agus nigheanan; a‑chum gum meudaichear sibh anns an àite sin, agus nach lùghdaichear sibh.

Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs.

A‑nis do aon leth-threubh Mhanaseh, thug Maois sealbh ann am Basan; ach don leth-threubh eile dhiubh thug Iosua sealbh am measg am bràithrean air an taobh seo de Iòrdan air an làimh an iar. Agus cuideachd, nuair a chuir Iosua air falbh iad dam pàilleanan, an sin bheannaich e iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan