Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 27:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth, a rèir an nì a tha mi ag àithneadh dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt an Tighearna rithe, Tha dà chinneach ad bholg, agus bidh dà shluagh air an sgaradh od innibh: agus bidh aon sluagh dhiubh seo nas treasa na an sluagh eile; agus nì esan as sine seirbhis dhàsan as òige.

Agus thubhairt a mhàthair ris, Ormsa biodh do mhallachadh, a mhic; a‑mhàin èisd rim ghuth, agus falbh, thoir am ionnsaigh iad.

A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth; agus èirich, teich a dh’ionnsaigh mo bhràthar Làban do Hàran;

Thoir am ionnsaigh sidheann, agus dèan biadh blasda dhomh, agus gun ith mi, agus gum beannaich mi thu an làthair an Tighearna, ro mo bhàs.

Falbh a‑nis a dh’ionnsaigh an treuda, agus thoir am ionnsaigh o sin dà dheagh mheann de na gobhair; agus nì mise iad nam biadh blasda airson d’athar, mar as ionmhainn leis:

Ach fhreagair Peadar, agus Eòin agus thubhairt iad riu, A bheil e ceart ann am fianais Dhè, èisdeachd ribhse ro Dhia, thugaibh fhèin breith.

An sin fhreagair Peadar agus na h‑abstoil eile, agus thubhairt iad, Is còir gèill a thoirt do Dhia nas mò na do dhaoine.

A chlann, bithibh umhail dur pàrantan anns an Tighearna: oir tha seo ceart.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan