Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 27:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Thoir am ionnsaigh sidheann, agus dèan biadh blasda dhomh, agus gun ith mi, agus gum beannaich mi thu an làthair an Tighearna, ro mo bhàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh e, agus ghlac e iad, agus thug e iad a dh’ionnsaigh a mhàthar: agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a b’ionmhainn le a athair.

Agus dèan dhomh biadh blasda, mar as ionmhainn leam, agus thoir am ionnsaigh e, agus gun ith mi; a‑chum is gum beannaich m’anam thu mum faigh mi bàs.

Agus labhair Rebecah ra mac Iàcob, ag ràdh, Feuch, chuala mi d’athair a’ labhairt ri Esau do bhràthair, ag ràdh,

A‑nis uime sin, a mhic, èisd rim ghuth, a rèir an nì a tha mi ag àithneadh dhut.

Agus is e seo am beannachadh leis an do bheannaich Maois, òglach Dhè, clann Israeil ro a bhàs.

Agus chuir Iosua fo mhionnan iad anns an àm sin, ag ràdh, Mallaichte gu robh an duine an làthair an Tighearna, a dh’èireas agus a thogas am baile seo Iericho: na chiad-ghin leagaidh e a bhunachar, agus na mhac as òige cuiridh e suas a gheatachan.

Oir nuair a gheibh duine a nàmhaid, an leig e as gu math e? Uime sin gun dìoladh an Tighearna math dhutsa airson na rinn thu dhòmhsa an‑diugh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan