Agus ghabh Tèrah Abram a mhac, agus Lot mac Hàrain, mac a mhic, agus Sàrai a bhan-chliamhainn, bean Abraim a mhac; agus chaidh iad a‑mach maille riu à Ur nan Caldèach, gu dol do thìr Chanàain; agus thàinig iad gu Hàran, agus ghabh iad còmhnaidh an sin.
Agus bha Isaac dà‑fhichead bliadhna a dh’aois nuair a ghabh e Rebecah, nighean Bhetueil, an Sirianach o Phadan-àram, piuthar Làbain an Sirianach, dha fhèin na mnaoi.
Agus dh’innseadh do Rebecah briathran Esau, a mac a bu shine, agus chuir i teachdaire uaipe, agus ghairm i air Iàcob, a mac a b’òige, agus thubhairt i ris, Feuch, tha do bhràthair Esau a’ toirt comhfhurtachd dha fhèin dod thaobh-sa, a’ cur roimhe do mharbhadh.
Agus thubhairt Dia ri Iàcob, Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnaidh an sin; agus dèan an sin altair do Dhia, a dh’fhoillsich e fhèin dhut nuair a theich thu o ghnùis Esau, do bhràthair.
An t‑sùil a nì magadh air a athair, agus a nì tarcais air ùmhlachd da mhàthair, spìonaidh fithich a’ ghlinne a‑mach i, agus ithidh na h‑iolairean òga suas i.
Tha briathran Ionadaib mhic Rechaib, a dh’àithn e da mhic gun fhìon òl, air an coileanadh; oir gus an là‑an‑diugh chan òl iad fìon sam bith, ach tha iad umhail do àithne an athar: gidheadh labhair mise ribhse, ag èirigh gu moch agus a’ labhairt, ach cha d’èisd sibh rium.