Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 27:4

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dèan dhomh biadh blasda, mar as ionmhainn leam, agus thoir am ionnsaigh e, agus gun ith mi; a‑chum is gum beannaich m’anam thu mum faigh mi bàs.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

23 Iomraidhean Croise  

Agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Beannaichte gu robh Abram on Dia as ro‑àirde, sealbhadair nèimh agus na talmhainn:

Agus bheannaich iad Rebecah, agus thubhairt iad rithe, Is tu ar piuthar, bi‑sa ad mhàthair mhìltean de mhuilleanan; agus sealbhaicheadh do shliochd geata na muinntir sin leis am fuathach iad.

Agus dh’fhalbh e, agus ghlac e iad, agus thug e iad a dh’ionnsaigh a mhàthar: agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a b’ionmhainn le a athair.

Agus thug i am biadh blasda, agus an t‑aran a dheasaich i, do làimh a mic Iàcob.

Agus thubhairt Iàcob ra athair, Is mise Esau do chiad-ghin; rinn mi mar a dh’iarr thu orm: èirich, guidheam ort, suidh agus ith dem shidhinn, a‑chum is gum beannaich d’anam mi.

Agus cha d’aithnich e e, a chionn gu robh a làmhan molach, mar làmhan Esau a bhràthair: mar sin bheannaich e e.

Agus thubhairt e, Thoir am fagas dhomh e, agus ithidh mi de shidhinn mo mhic, a‑chum is gum beannaich m’anam thu. Agus thug e am fagas dha e, agus dh’ith e; agus thug e da ionnsaigh fìon, agus dh’òl e.

Agus thàinig e am fagas, agus phòg e e: agus dh’fhairich e boladh a aodaich; agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Feuch, tha fàile mo mhic mar fhàile fearainn a bheannaich an Tighearna:

Agus rinn esan mar an ceudna biadh blasda, agus thug e a dh’ionnsaigh a athar e; agus thubhairt e ra athair, Eireadh m’athair, agus itheadh e de shidhinn a mhic, a‑chum gum beannaich d’anam mi.

Agus chuala Rebecah nuair a labhair Isaac ra mhac Esau: agus chaidh Esau don mhachair a shealg sidhinn, ga toirt da ionnsaigh.

Thoir am ionnsaigh sidheann, agus dèan biadh blasda dhomh, agus gun ith mi, agus gum beannaich mi thu an làthair an Tighearna, ro mo bhàs.

Falbh a‑nis a dh’ionnsaigh an treuda, agus thoir am ionnsaigh o sin dà dheagh mheann de na gobhair; agus nì mise iad nam biadh blasda airson d’athar, mar as ionmhainn leis:

Agus gum beannaicheadh Dia Uile-chumhachdach thu, agus gun dèanadh e sìolmhor thu, agus gun tugadh e ort fàs lìonmhor, air chor is gum bi thu ad cho-chruinneachadh chinneach:

Agus thubhairt Iòseph ra athair, Is iad mo mhic-sa iad, a thug Dia dhomh an seo. Agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh iad, guidheam ort, agus beannaichidh mi iad.

Is iad sin uile dà‑threubh-dheug Israeil: agus is e seo an nì a labhair an athair riu, agus bheannaich e iad; gach aon aca a rèir a bheannachaidh, bheannaich e iad.

Agus bheannaich Simeon iad, agus thubhairt e ri Muire a mhàthair, Feuch, chuireadh an leanabh seo a‑chum tuiteam agus aiseirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharradh an aghaidh an labhrar:

Agus am feadh a bha e gam beannachadh, dhealaicheadh riu e, agus thogadh suas gu nèamh e.

Tre chreideamh bheannaich Isaac Iàcob agus Esau mu thimcheall nithean a bha ri teachd.

Agus bheannaich Iosua e, agus thug e do Chàleb mac Iephuneh Hebron mar oighreachd.

Mar sin bheannaich Iosua iad, agus chuir e air falbh iad: agus chaidh iad dam pàilleanan.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan