Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 27:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Isaac ri Iàcob, Thig am fagas a‑nis, agus gun laimhsich mi thu, a mhic, an tusa fhèin mo mhac Esau, no nach tu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Mas e is gun laimhsich m’athair mi, an sin measar mi leis mar neach leis am b’àill a mhealladh; agus bheir mi mallachadh orm fhèin, agus cha bheannachadh.

Agus chaidh Iàcob am fagas da athair Isaac, agus laimhsich e e; agus thubhairt e, is e an guth guth Iàcoib, ach is iad na làmhan làmhan Esau.

Ach is math dhòmhsa teachd dlùth do Dhia. Anns an Tighearna chuir mi mo dhòigh, a‑chum gum foillsichinn d’obraichean uile.

Is mi a chruthaicheas toradh nam bilean; sìth, sìth, dhàsan a tha fad as, agus dhàsan a tha dlùth, deir an Tighearna; agus slànaichidh mi e.

Dlùthaichibh ri Dia, agus dlùthaichidh e ribh: glanaibh ur làmhan, a pheacacha, agus glanaibh ur cridhe, sibhse aig a bheil an inntinn dhùbailte.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan