Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 27:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt esan, Feuch a‑nis, tha mise sean; chan eil fhios agam air là mo bhàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis, guidheam ort, gabh d’airm, do bhalg-shaighead agus do bhogha, agus falbh a‑mach don mhachair, agus sealg dhomh sidheann;

Agus dhlùthaich an t‑àm anns am b’èiginn do Israel bàs fhaotainn: agus ghairm e air a mhac Iòseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fom leis, agus buin gu coibhneil agus gu fìrinneach rium; na adhlaic mi, guidheam ort, anns an Eiphit:

Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Feuch, tha mise a’ faotainn a’ bhàis; ach bidh Dia maille ribhse, agus bheir e a‑rìs sibh gu dùthaich ur n‑athraichean.

Na dèan uaill a‑thaobh an là màireach; oir chan eil fhios agad ciod a bheir là uaithe.

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs; agus thàinig Isaiah am fàidh, mac Amois, da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh; oir gheibh thu bàs, agus cha mhair thu beò.

Agus thubhairt e, Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.

Uime sin dèanaibh-se faire, oir chan eil fhios agaibh cuin a thig maighistir an taighe; an ann air feasgar, no air mheadhon-oidhche, no aig gairm-choileach, no anns a’ mhadainn;

Nuair nach eil fhios agaibh ciod a thàrlas air a’ mhàireach: oir ciod i ur beatha? Is deatach i a chìthear rè ùine bhig, agus an dèidh sin a thèid as an t‑sealladh.

Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan