Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 27:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghabh Rebecah aodach taitneach Esau, a mac a bu shine, a bha aice anns an taigh; agus chuir i e air Iàcob, a mac a b’òige.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

5 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhalbh e, agus ghlac e iad, agus thug e iad a dh’ionnsaigh a mhàthar: agus rinn a mhàthair biadh blasda, mar a b’ionmhainn le a athair.

Agus chuir i craicnean minn nan gobhar air a làmhan, agus air luime a mhuineil.

Agus thàinig e am fagas, agus phòg e e: agus dh’fhairich e boladh a aodaich; agus bheannaich e e, agus thubhairt e, Feuch, tha fàile mo mhic mar fhàile fearainn a bheannaich an Tighearna:

Ach thubhairt an t‑athair ra sheirbhisich, Thugaibh a‑mach a’ chulaidh as fheàrr, agus cuiribh uime i; agus cuiribh fàinne air a làimh, agus brògan air a chasan:

Thugaibh an aire dhuibh fhèin o na sgrìobhaichean, leis am miann imeachd ann an culaidhean fada, agus leis an ionmhainn fàilte fhaotainn air na margaidhean, agus na cathraichean as àirde anns na sionagogan, agus na ciad àiteachan-suidhe aig fèillean;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan