Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 27:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Mas e is gun laimhsich m’athair mi, an sin measar mi leis mar neach leis am b’àill a mhealladh; agus bheir mi mallachadh orm fhèin, agus cha bheannachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhàs na gillean; agus bha Esau na shealgair seòlta, na fhear machrach; agus bha Iàcob na dhuine coileanta, a’ gabhail còmhnaidh ann am bùthan.

Agus thubhairt esan, Nach ceart a thugadh Iàcob mar ainm air? Oir thàinig e fodham an dà uair seo: thug e leis mo chòir-bhreithe; agus, feuch, a‑nis thug e leis mo bheannachadh. Agus thubhairt e, Nach do ghlèidh thu dhòmhsa beannachadh?

Gus an tionndaidh corraich do bhràthar uat, agus gun dìochuimhnich e na rinn thu air: an sin cuiridh mise fios, agus bheir mi as a sin thu. Carson a chaillinn le chèile sibh ann an aon là?

Agus thubhairt e, Mallaichte gu robh Canàan; na sheirbhiseach nan seirbhiseach bidh e da bhràithrean.

Aigesan tha neart agus gliocas: is leis-san esan a mheallar, agus esan a mheallas.

Is mallaichte esan a nì obair an Tighearna gu cealgach; agus is mallaichte esan a chumas a chlaidheamh air ais o fhuil.

Ach mallaichte gu robh am mealltair, aig a bheil fireann na threud, agus a bhòidicheas agus a dh’ìobras nì truaillidh don Tighearna: oir is Rìgh mòr mise, tha Tighearna nan sluagh ag ràdh, agus tha m’ainm uamhasach am measg nan cinneach.

Tre urram agus eas-urram, tre mhì-chliù agus dheagh-chliù: mar mhealltairean, gidheadh fìrinneach;

Mallaichte gu robh esan a chuireas an dall air seachran anns an t‑slighe: agus their an sluagh uile, Amen.

Seachnaibh gach uile choslas uilc.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan