Agus thubhairt Iàcob ri Rebecah a mhàthair, Feuch, tha Esau mo bhràthair na dhuine molach, agus mise am dhuine lom.
Agus thàinig an ciad-ghin a‑mach dearg, agus e uile mar fhallaing mholaich: agus thug iad Esau mar ainm air.
Agus bheir thu a dh’ionnsaigh d’athar e, a‑chum gun ith e, agus a‑chum gum beannaich e thu ro a bhàs.
Agus cha d’aithnich e e, a chionn gu robh a làmhan molach, mar làmhan Esau a bhràthair: mar sin bheannaich e e.