Agus nuair a bha e aimsir fhada an sin, sheall Abimelech righ nam Philisteach a‑mach air uinneig, agus chunnaic e, agus, feuch, bha Isaac a’ sùgradh ra mhnaoi Rebecah.
Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre.
Agus ghairm Abimelech air Isaac, agus thubhairt e, Feuch, gu cinnteach is i do bhean i: agus cionnas a thubhairt thu, is i mo phiuthar i? Agus thubhairt Isaac ris, A chionn gun dubhairt mi, Air eagal gum bàsaich mi air a son.
Caith do bheatha gu subhach leis a’ mhnaoi as ionmhainn leat rè uile làithean beatha do dhìomhanais, a thug e dhut fon ghrèin: oir is e seo do chuibhreann anns a’ bheatha seo, agus ann ad shaothair a ghabhas tu fon ghrèin.
Is cosmhail mo ghràdh ri earba no ri laogh fèidh: feuch, tha e na sheasamh air cùl ar balla, a’ sealltainn a‑mach air na h‑uinneagan, ga nochdadh fhèin tron chlèith.
Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear-togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh-pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa.
A‑mach air uinneig dh’amhairc màthair Shisera, agus ghlaodh i tron chlèith, Carson a tha a charbad cho fada a’ teachd? Carson a tha rothan a charbaid a’ dèanamh moille?