Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 26:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’fhiosraich daoine an àite dheth ma mhnaoi; agus thubhairt e, Is i mo phiuthar i: oir bha eagal air a ràdh, Is i mo bhean i; air eagal, arsa esan, gum marbhadh daoine an àite mi airson Rebecah, do bhrìgh gu robh i maiseach ri amharc oirre.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a bha e dlùth do dhol a‑steach don Eiphit thubhairt e ri Sàrai a bhean, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur bean mhaiseach thusa ri amharc ort:

Abair, guidheam ort, gur tu mo phiuthar, a‑chum gun èirich gu math dhomh air do sgàth-sa; agus bidh m’anam beò air do shon-sa.

Chunnaic mar an ceudna ceannardan Phàraoh i, agus mhol iad i do Phàraoh: agus thugadh a‑steach a’ bhean do thaigh Phàraoh.

Agus thubhairt Abrahàm, A chionn gun dubhairt mi annam fhèin, Gu cinnteach chan eil eagal an Tighearna anns an ionad seo; agus marbhaidh iad mi airson mo mhnà.

Agus thubhairt Abrahàm mu Shàrah a bhean, Is i mo phiuthar i: agus chuir Abimelech righ Ghèrair teachdaire uaithe, agus ghabh e Sàrah.

Nach dubhairt esan riumsa, Is i mo phiuthar i? Agus thubhairt ise, eadhon ise fhèin, Is e mo bhràthair e: ann an treibhdhireas mo chridhe, agus ann an neochiontas mo làmh, rinn mi seo.

Agus bha a’ chailinn ro‑mhaiseach ri amharc oirre, òigh, agus cha b’aithne do fhear riamh i: agus chaidh i sìos don tobar, agus lìon i a soitheach, agus thàinig i a‑nìos.

Agus ghabh Isaac còmhnaidh ann an Gèrar.

Agus nuair a bha e aimsir fhada an sin, sheall Abimelech righ nam Philisteach a‑mach air uinneig, agus chunnaic e, agus, feuch, bha Isaac a’ sùgradh ra mhnaoi Rebecah.

Agus bha sùilean Lèah anfhann, ach bha Rachel maiseach na dealbh agus sgiamhach na gnùis.

Bheir eagal duine ribe leis; ach ge bè a dh’earbas as an Tighearna, bidh e tèarainte.

Agus na biodh eagal na muinntir sin oirbh a mharbhas an corp, ach aig nach eil comas an t‑anam a mharbhadh: ach gum bu mhò a bhios eagal an Tì sin oirbh, as urrainn an corp agus an t‑anam a mhilleadh araon ann an ifrinn.

Fheara, gràdhaichibh ur mnathan fhèin, eadhon mar a ghràdhaich Crìosd an eaglais, agus a thug e e fhèin air a son;

Na dèanaibh breug da chèile, do bhrìgh gun do chuir sibh dhibh an seann duine maille ra ghnìomharan,




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan