Agus dh’imich Abram, mar a labhair an Tighearna ris; agus chaidh Lot maille ris: agus bha Abram còig-bliadhna-deug agus trì-fichead a dh’aois nuair a chaidh e a‑mach à Hàran.
Agus ghabh Abrahàm Ismael a mhac, agus iadsan uile a rugadh na thaigh, agus iadsan uile a cheannaicheadh le a airgead-san, gach fireannach am measg dhaoine taigh Abrahàim; agus thimcheall-gheàrr e feòil an ro‑chraicinn anns a’ cheart là sin fhèin, mar a thubhairt Dia ris.
Oir is aithne dhomh e, gun toir e àithne da chloinn agus da theaghlach na dhèidh, agus gleidhidh iadsan slighe an Tighearna, a’ dèanamh ceartais agus breitheanais; a‑chum is gun toir an Tighearna air Abrahàm an nì sin a labhair e ma thimcheall.
Agus thubhairt e, Orm fhèin mhionnaich mi, arsa an Tighearna, a chionn gun do rinn thu an nì seo, agus nach do chùm thu uam do mhac, eadhon d’aon mhac;
Air an adhbhar sin ge bè neach a bhriseas aon de na h‑àitheantan seo as lugha, agus a theagaisgeas daoine mar sin, goirear an duine as lugha dheth ann an rìoghachd nèimh: ach ge bè neach a nì, agus a theagaisgeas iad, goirear duine mòr dheth ann an rìoghachd nèimh.
Uime sin, mo bhràithrean gràdhach, bithibh-se daingeann, neo-ghluasadach, a’ sìor mheudachadh ann an obair an Tighearna, air dhuibh fios a bhith agaibh nach eil ur saothair dìomhain anns an Tighearna.
Oir ann an Iosa Crìosd, chan eil èifeachd sam bith ann an timcheall-ghearradh, no ann an neo-thimcheall-ghearradh, ach ann an creideamh a dh’obraicheas tre ghràdh.
Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.