Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 26:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Bi air chuairt anns an tìr seo, agus bidh mise maille riut, agus beannaichidh mi thu: oir dhutsa, agus dod shliochd, bheir mise na dùthchannan sin uile, agus coileanaidh mi na mionnan a mhionnaich mi dod athair Abrahàm:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

42 Iomraidhean Croise  

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.

Oir am fearann uile a tha thu a’ faicinn, dhutsa bheir mi e, agus dod shliochd gu bràth.

Eirich, imich air feadh an fhearainn, na fhad agus na leud; oir dhutsa bheir mi e.

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

Agus thubhairt Dia, Gu cinnteach beiridh do bhean Sàrah mac dhut, agus bheir thu Isaac mar ainm air: agus daingnichidh mise mo choicheangal ris mar choicheangal sìorraidh, agus ra shliochd na dhèidh.

Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.

Agus dh’imich Abrahàm as a sin don tìr mu dheas, agus ghabh e còmhnaidh eadar Cadeis agus Sur, agus bha e air chuairt ann an Gèrar.

Agus an dèidh bàs Abrahàim, bheannaich Dia Isaac a mhac; agus ghabh Isaac còmhnaidh làimh ri tobar Lahai-roi.

An sin shìol-chuir Isaac anns an tìr sin, agus fhuair e anns a’ bhliadhna sin fhèin a cheud uiread is a chuir e, agus bheannaich an Tighearna e.

Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach. Agus ghabh na Philistich farmad ris.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Agus, feuch, sheas an Tighearna os a chionn, agus thubhairt e, Is mise an Tighearna, Dia Abrahàim d’athair, agus Dia Isaaic: am fearann air a bheil thu ad laighe, bheir mise dhut e, agus dod shliochd;

Agus, feuch, tha mise maille riut, agus gleidhidh mi thu anns gach àite don tèid thu, agus bheir mi a‑rìs thu a dh’ionnsaigh na tìre seo; oir cha trèig mi thu, gus an dèan mi an nì sin a labhair mi riut.

Agus thubhairt an Tighearna ri Iàcob, Till gu dùthaich d’athraichean agus a dh’ionnsaigh do dhìlsean; agus bidh mise maille riut.

Agus am fearann a thug mi do Abrahàm agus do Isaac, dhutsa bheir mi e; agus dod shliochd ad dhèidh bheir mi am fearann.

Agus bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus bha e na dhuine leis an do shoirbhich gach nì; agus bha e ann an taigh a mhaighistir, an t‑Eiphiteach.

Ach bha an Tighearna maille ri Iòseph, agus nochd e tròcair dha, agus thug e dha deagh-ghean ann an sùilean fear-gleidhidh a’ phrìosain.

Agus thubhairt Israel ri Iòseph, Feuch, tha mise a’ faotainn a’ bhàis; ach bidh Dia maille ribhse, agus bheir e a‑rìs sibh gu dùthaich ur n‑athraichean.

Agus thubhairt Iòseph ra bhràithrean, Tha mise a’ faighinn a’ bhàis, ach amhaircidh Dia gu cinnteach oirbhse, agus bheir e a‑mach sibh as an fhearann seo, don fhearann a mhionnaich e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob.

A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac:

Chuimhnich e gu sìorraidh a choicheangal-san, am facal a dh’òrdaich e do mhìle ginealach;

A rinn e ri Abrahàm, agus a mhionnan do Isaac;

Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil.

Cluinn m’ùrnaigh, a Thighearna, agus èisd rim ghlaodh; rim dheòir na bi ad thosd; oir is coigreach mi maille riut, agus fear-cuairt, mar m’athraichean uile.

Agus chuala Dia an osnaich, agus chuimhnich Dia a choicheangal ri Abrahàm, ri Isaac, agus ri Iàcob.

Agus thubhairt e, Bidh mise gu cinnteach leat; agus bidh seo na chomharradh dhut, gun do chuir mise uam thu: nuair a bheir thu a‑mach an sluagh as an Eiphit, nì sibh adhradh do Dhia air an t‑sliabh seo.

Agus mar an ceudna dhaingnich mi mo choicheangal riu, gun tugainn dhaibh tìr Chanàain, tìr an cuairte, anns an robh iad nan coigrich.

Agus gabhaidh mi sibh dhomh fhèin mar shluagh, agus bidh mi dhuibh am Dhia; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia, a tha gur toirt-se a‑mach o bhith fo eallaichean nan Eiphiteach.

Agus bheir mi a‑steach sibh a dh’ionnsaigh an fhearainn a mhionnaich mi gun tugainn e do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob; agus bheir mi e dhuibhse mar oighreachd; Is mise an Tighearna.

Nuair a shiùbhlas tu tro na h‑uisgeachan bidh mise maille riut; agus tro na h‑aibhnichean cha tig iad tharad; nuair a dh’imicheas tu tron teine, cha loisgear thu, agus cha dèan an lasair greim ort.

Na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut; on ear bheir mi do shliochd, agus on iar cruinnichidh mi thu:

Coileanaidh tu an fhìrinn do Iàcob, agus an tròcair do Abrahàm, a mhionnaich thu dar n‑athraichean o na làithean o shean.

Cha duine Dia, gun dèanadh e breug; no mac duine, gun gabhadh e aithreachas: an dubhairt e, agus nach dèan e? Agus an do labhair e agus nach coilean e e?

Feuch, chuir mi an tìr romhaibh; rachaibh a‑steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd nan dèidh.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Is e seo am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd-sa bheir mi e: thug mi ortsa a fhaicinn led shùilean, ach da ionnsaigh cha tèid thu thairis.

Na nithean sin araon a dh’fhòghlaim agus a ghabh sibh, agus a chuala agus a chunnaic sibh annamsa, dèanaibh: agus bidh Dia na sìthe maille ribh.

Tre chreideamh bha e air chuairt ann an tìr a’ gheallaidh, mar ann an tìr choimhich, a’ gabhail còmhnaidh ann am pàilleanan maille ri Isaac agus Iàcob, co‑oighreachan a’ gheallaidh cheudna.

Uime sin air a bhith do Dhia toileach air neo-chaochlaideachd a chomhairle a nochdadh na bu phailte do oighreachan a’ gheallaidh, dhaingnich e le mionnan e:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan