Agus thubhairt iadsan, Chunnaic sinn gu cinnteach gu robh an Tighearna leat; agus thubhairt sinn, Biodh a‑nis mionnan eadarainn, eadhon eadar sinne agus thusa, agus dèanamaid coicheangal riut;
Am Maois seo fhèin a dhiùlt iadsan, ag ràdh, Cò a rinn uachdaran agus britheamh dhìotsa? Esan chuir Dia gu bhith na uachdaran agus na fhear-saoraidh le làimh an aingil a dh’fhoillsicheadh dha anns a’ phreas.
Feuch, bheir mise orrasan de shionagog Shàtain (a tha ag ràdh gur Iùdhaich iad fhèin, agus nach eadh, ach a tha a’ dèanamh brèige), feuch, bheir mise orra gun tig iad agus gun dèan iad adhradh aig do chasan, agus gum bi fhios aca gun do ghràdhaich mise thu.
Agus thubhairt Iephtah ri seanairean Ghilead, Nach d’fhuathaich sibh mi, agus nach do thilg sibh a‑mach mi à taigh m’athar? Agus carson a thàinig sibh am ionnsaigh a‑nis, nuair a tha sibh ann an teanntachd?