Agus dh’atharraich Abram a bhùth, agus thàinig e agus ghabh e còmhnaidh ann an còmhnard Mhamre, a tha ann an Hebron, agus thog e an sin altair don Tighearna.
Agus thàinig iad don àit a dh’innis Dia dha, agus thog Abrahàm altair an sin, agus chuir e am fiodh an òrdagh; agus cheangail e a mhac Isaac, agus chuir e air an altair e air uachdar an fhiodha.
Agus air an là sin fhèin thàinig seirbhisich Isaaic, agus dh’innis iad dha mu thimcheall an tobair a chladhaich iad, agus thubhairt iad ris, Fhuair sinn uisge.
Agus thubhairt Dia ri Iàcob, Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnaidh an sin; agus dèan an sin altair do Dhia, a dh’fhoillsich e fhèin dhut nuair a theich thu o ghnùis Esau, do bhràthair.