Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 25:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug Abrahàm gach nì a bha aige do Isaac.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail;

Agus rug Sàrah, bean mo mhaighistir, mac dom mhaighistir na seann aois: agus thug e dhàsan gach nì a bha aige;

Agus mic Mhidiain; Ephah, agus Epher, agus Hanoch, agus Abidah, agus Eldaah. B’iad sin uile mic Chetùrah.

Oir bha aige sealbh chaorach, agus sealbh cruidh, agus mòran sheirbhiseach. Agus ghabh na Philistich farmad ris.

Chaidh thu suas air ionad àrd, thug thu bruid ann am braighdeanas; thug thu tìodhlacan do dhaoine, seadh, eadhon do dhaoine ceannairceach, a‑chum gun gabhadh an Tighearna còmhnaidh nam measg.

Tha na h‑uile nithean air an tabhairt thairis dhòmhsa lem Athair: agus chan aithne do neach air bith am Mac, ach don Athair: cha mhò as aithne do neach air bith an t‑Athair, ach don Mhac, agus do gach aon don àill leis a’ Mhac a fhoillseachadh.

Agus thàinig Iosa, agus labhair e riu, ag ràdh, Thugadh dhòmhsa gach uile chumhachd air nèamh agus air talamh.

A‑chum, mar a thug thu cumhachd dha air gach feòil, na h‑uile a thug thu dha, gun tugadh esan dhaibh a’ bheatha mhaireannach.

Is toigh leis an Athair am Mac, agus thug e na h‑uile nithean na làimh.

Agus mas clann, is oighreachan; oighreachan air Dia, agus co‑oighreachan maille ri Crìosd: mas e is gum fuiling sinn maille ris, a‑chum gun glòraichear sinn maille ris mar an ceudna.

An tì nach do chaomhain a Mhac fhèin, ach a thug thairis e air ar son-ne uile, cionnas maille ris-san nach toir e mar an ceudna dhuinn gu saor na h‑uile nithean?

Agus mas le Crìosd sibh, is sibh sìol Abrahàim gun amharas, agus is oighreachan sibh a rèir a’ gheallaidh.

A‑nis, a bhràithrean, is sinne, mar a bha Isaac, clann a’ gheallaidh.

Oir b’e deagh thoil an Athar gun còmhnaicheadh gach uile iomlanachd annsan;

Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan