Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sìnidh mise fòs a‑mach mo làmh air Edom, agus gearraidh mi as duine agus ainmhidh uaithe, agus nì mi fàs e o Theman, agus tuitidh muinntir Dhedain leis a’ chlaidheamh.
Teichibh, tillibh air ur n‑ais, rachaibh domhain a ghabhail còmhnaidh, O luchd-àiteachaidh Dhedain; oir bheir mise dòrainn Esau air, nuair a smachdaicheas mi e.
Còmhdaichear thu le lìonmhorachd nan càmhal, le dromadairean Mhidiain agus Ephah; thig iad uile o Shèba; òr agus tùis giùlainidh iad, agus cliù an Tighearna cuiridh iad an cèill.