Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 25:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus is iad sin ainmean mic Ismaeil, nan ainmean a rèir an ginealaichean: ciad-ghin Ismaeil, Nebaiot; agus Cedar, agus Adbeel, agus Mibsam,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus a‑thaobh Ismaeil, chuala mi thu: Feuch, bheannaich mi e, agus nì mi sìolmhor e, agus cuiridh mi an lìonmhorachd e gu h‑anabarrach; dà‑cheannard-dheug ginidh e, agus nì mi e na chinneach mòr.

Agus Misma, agus Dumah, agus Masa,

An sin chaidh Esau a dh’ionnsaigh Ismaeil, agus ghabh e Mahalat, nighean Ismaeil, mhic Abrahàim, piuthar Nebaioit, dha fhèin mar mhnaoi a thuilleadh air na mnathan a bha aige.

Agus Basemat nighean Ismaeil, piuthar Nebaioit.

Mo thruaighe mi gu bheil mi air chuairt ann am Mesech, gu bheil mi am chòmhnaidh ann am bùthan Chedair!

Dubh tha mi, ach sgiamhach, O a nigheanan Ierusaleim, mar bhùthan Chedair, mar chùirteanan rìomhach Sholaimh.

Togadh am fàsach iolach, agus na bailtean a tha ann; na bailtean beaga, luchd-àiteachaidh Chedair; dèanadh luchd-àiteachaidh na creige co‑ghàir; o mhullach nan slèibhtean togadh iad iolach.

Cruinnichear ad ionnsaigh uile threudan Chedair; nì reitheachan Nebaioit frithealadh dhut; thèid iad suas, agus gabhar iad gu taitneach air m’altair; agus taigh mo ghlòire fhathast glòraichidh mi.

Oir siùbhlaibh thairis gu crìochan Chitim, agus faicibh; agus cuiribh fios gu Cedar, agus thugaibh geur aire; feuchaibh an do thachair riamh a leithid seo.

A‑thaobh Chedair, agus a‑thaobh rìoghachdan Hasoir, a bhuail Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin. Mar seo thubhairt an Tighearna, Eiribh, rachaibh suas gu Cedar, agus creachaibh daoine na h‑àird an ear.

Rinn Aràbia agus uile phrionnsachan Chedair malairt riut ann an uain, agus ann an reitheachan, agus ann an gobhair: anns na nithean seo b’iad do luchd-malairt.

Agus thubhairt Gideon riu, Dh’iarrainn aon athchuinge oirbh, gun tugadh gach duine dhibh cluas-fhàinnean a chreiche dhomh: (oir bha cluas-fhàinnean òir aca, a chionn gum b’Ismaelich iad).




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan