Ach ma chuireas a h‑athair na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e, cha seas aon de a bòidean no de a ceanglaichean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus maithidh an Tighearna dhi, a chionn gun do chuir a h‑athair na h‑aghaidh.
Ach ma chuireas a fear-pòsda na h‑aghaidh anns an là anns an cluinn e i, an sin bheir e gu neo-bhrìgh a bòid a bhòidich i, agus an nì a labhair i le a bilean, leis an do cheangail i a h‑anam; agus bheir an Tighearna maitheanas dhi.
Agus thubhairt esan, Fheara, a bhràithrean, agus athraichean, èisdibh. Dh’fhoillsicheadh Dia na glòire dar n‑athair Abrahàm, nuair a bha e ann am Mesopotàmia, mun do ghabh e còmhnaidh ann an Haran.