Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An Tighearna, Dia nèimh a thug mise o thaigh m’athar, agus o thìr mo dhìlsean, agus a labhair rium, agus a mhionnaich dhomh, ag ràdh, Dod shliochd bheir mi am fearann seo; cuiridh esan a aingeal fhèin romhad, agus gabhaidh tu bean dom mhac as a sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

39 Iomraidhean Croise  

Oir am fearann uile a tha thu a’ faicinn, dhutsa bheir mi e, agus dod shliochd gu bràth.

Air an là sin fhèin rinn an Tighearna coicheangal ri Abram, ag ràdh, Dod shliochd-sa thug mi am fearann seo, o abhainn na h‑Eiphit gu ruig an abhainn mhòr, abhainn Euphràtes:

Agus fhuair aingeal an Tighearna i làimh ri tobar uisge anns an fhàsach, làimh ris an tobar anns an t‑slighe gu Sur.

Agus bheir mi dhutsa, agus dod shliochd ad dhèidh, am fearann anns a bheil thu ad choigreach, tìr Chanàain uile, mar sheilbh shìorraidh; agus bidh mise am Dhia dhaibh.

Agus chuala Dia guth an òganaich; agus ghairm aingeal Dhè air Hàgar o nèamh agus thubhairt e rithe, Ciod a tha a’ teachd riut, a Hàgar? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far a bheil e.

Agus ghlaodh aingeal an Tighearna ris o nèamh, agus thubhairt e, Abrahàim, Abrahàim. Agus thubhairt esan, Feuch, tha mi an seo.

Agus bheir mi ort mionnachadh air an Tighearna, Dia nèimh agus Dia na talmhainn, nach gabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, am measg a bheil mise am chòmhnaidh:

Agus thubhairt esan rium, Cuiridh an Tighearna, an làthair an do ghluais mise, a aingeal fhèin leat, agus soirbhichidh e do thuras; agus gabhaidh tu bean dom mhac om dhìlsean, agus o thaigh m’athar.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Mar seo tha Cìrus rìgh Phersia ag ràdh, Uile rìoghachdan an domhain thug an Tighearna Dia nan nèamh dhòmhsa, agus dh’àithn e dhomh taigh a thogail dha ann an Ierusalem, a tha ann an Iùdah.

Beannaichibh an Tighearna, sibhse a ainglean, treun ann an neart, a’ dèanamh a iarrtais, ag èisdeachd ri fuaim a fhacail.

O thugaibh buidheachas do Dhia nan nèamh, oir gu bràth mairidh a thròcair.

Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil.

Campaichidh aingeal an Tighearna man timcheall-san don eagal e, agus teasairgidh e iad.

Led chomhairle stiùraidh tu mi, agus fa dheòidh gabhaidh tu mi a‑chum glòire.

Agus nuair a bheir an Tighearna a‑steach thu do thìr nan Canàanach, agus nan Hiteach, agus nan Amorach, agus nan Hibheach, agus nan Iebusach, a mhionnaich e dod athraichean gun tugadh e dhut, fearann a’ sruthadh le bainne agus le mil, an sin coimheadaidh tu an t‑seirbhis seo anns a’ mhìos seo.

Cuimhnich air Abrahàm, Isaac, agus Israel, do sheirbhisich, don tug thu mionnan ort fhèin, agus ris an dubhairt thu, Nì mi ur sliochd lìonmhor mar reultan nèimh, agus am fearann seo uile mun do labhair mi, bheir mi dur sliochd-se, agus sealbhaichidh iad e gu sìorraidh.

Agus cuiridh mi aingeal romhad; agus fuadaichidh mi a‑mach an Canàanach, an t‑Amorach, agus an t‑Hiteach, agus am Peridseach, agus an t‑Hibheach, agus an t‑Iebusach;

Nan uile àmhghar bha esan fo àmhghar; agus rinn aingeal a làthaireachd an tèarnadh; na ghràdh agus na iochd rinn e fhèin an saoradh; agus dh’iomchair e iad, agus ghiùlain e iad, rè nan uile làithean o shean.

Agus ann an làithean nan rìghrean seo, cuiridh Dia nèimh suas rìoghachd nach tèid gu sìorraidh a sgrios: agus cha bhi an rìoghachd air a fàgail aig sluagh eile, ach brisidh i nam bloighdean, agus caithidh i na rìoghachdan seo uile, agus seasaidh i gu sìorraidh.

Agus thubhairt e riu, Is Eabhraidheach mi, agus tha eagal an Tighearna Dia nèimh orm, an Tì a rinn an cuan agus an talamh tioram.

Am mise a ghin an sluagh seo uile? An ann dhomh a rugadh iad, gun abradh tu rium, Giùlain ad uchd iad (mar a ghiùlaineas oide-altraim leanabh na cìche) a‑chum an fhearainn a mhionnaich thu dan athraichean?

A chionn nach b’urrainn an Tighearna an sluagh seo a thoirt don fhearann a mhionnaich e dhaibh, uime sin mharbh e iad anns an fhàsach.

Gun amharas sam bith cha tig sibh a‑steach don fhearann a mhionnaich mise gun tugainn oirbh còmhnaidh a ghabhail ann, saor o Chàleb mac Iephuneh, agus Iosua mac Nuin.

Gu cinnteach chan fhaic a h‑aon de na daoine a thàinig a‑nìos as an Eiphit, o fhichead bliadhna a dh’aois agus os a chionn, am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, a chionn nach do lean iad mi gu h‑iomlan:

Agus cha tug e dha oighreachd sam bith ann, cha tug fiù leud troighe: gidheadh gheall e gun tugadh e mar sheilbh e dha fhèin agus da shliochd na dhèidh, ged nach robh fhathast duine cloinne aige.

Feuch, chuir mi an tìr romhaibh; rachaibh a‑steach, agus sealbhaichibh am fearann a mhionnaich an Tighearna dur n‑athraichean, Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, gun tugadh e dhaibh e, agus dan sliochd nan dèidh.

Agus thubhairt an Tighearna ris, Is e seo am fearann a mhionnaich mi do Abrahàm, do Isaac, agus do Iàcob, ag ràdh, Dod shliochd-sa bheir mi e: thug mi ortsa a fhaicinn led shùilean, ach da ionnsaigh cha tèid thu thairis.

Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Tre chreideamh bha e air chuairt ann an tìr a’ gheallaidh, mar ann an tìr choimhich, a’ gabhail còmhnaidh ann am pàilleanan maille ri Isaac agus Iàcob, co‑oighreachan a’ gheallaidh cheudna.

Bi làidir, agus ro‑mhisneachail; oir don t‑sluagh seo roinnidh tu mar oighreachd an tìr a mhionnaich mi dan athraichean a thabhairt dhaibh.

Agus thug mi ur n‑athair Abrahàm o thaobh thall na h‑aibhne, agus threòraich mi e tro thìr Chanàain uile, agus rinn mi a shliochd lìonmhor, agus thug mi dha Isaac.

Agus anns an uair sin fhèin bha crith-thalmhainn mhòr ann, agus thuit an deicheamh cuid den bhaile, agus mharbhadh seachd mìle pearsa anns a’ chrith-thalmhainn: agus ghabh a’ chuid eile eagal, agus thug iad glòir do Dhia nèimh.

Agus thàinig aingeal an Tighearna a‑nìos o Ghilgal gu Bochim, agus thubhairt e, Thug mi a‑nìos sibh as an Eiphit, agus thug mi a‑steach sibh don fhearann a mhionnaich mi dur n‑athraichean; agus thubhairt mi, Cha bhris mi mo choicheangal ribh gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan