Agus thubhairt e riu, Na cuiribh moille orm, oir shoirbhich an Tighearna mo thuras: cuiribh air falbh mi, a‑chum gun tèid mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir.
Agus ma reiceas duine taigh-còmhnaidh ann am baile cuartaichte le balla, an sin faodaidh e a fhuasgladh an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain an dèidh a reiceadh: an taobh a‑staigh de bhliadhna iomlain faodaidh e a fhuasgladh.
Agus an dèidh làithean àraidh, thill e a‑chum a gabhail, agus chaidh e a lethtaobh a dh’fhaicinn closach an leòmhainn; agus, feuch, bha sgaoth bheach ann an closaich an leòmhainn, agus mil.
Agus ghlèidh a athair-cèile, athair na h‑ighinn e, agus dh’fhan e maille ris trì làithean: agus dh’ith agus dh’òl iad, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche an sin.