Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:54

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, e fhèin agus na daoine a bha maille ris, agus dh’fhan iad rè na h‑oidhche: agus dh’èirich iad anns a’ mhadainn; agus thubhairt esan, Cuiribh air falbh mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt e riu, Na cuiribh moille orm, oir shoirbhich an Tighearna mo thuras: cuiribh air falbh mi, a‑chum gun tèid mi a dh’ionnsaigh mo mhaighistir.

Agus chuir iad air falbh Rebecah, am piuthar, agus a banaltram, agus seirbhiseach Abrahàim, agus a dhaoine.

Agus nuair a rug Rachel Iòseph, an sin thubhairt Iàcob ri Làban, Leig air falbh mi, a‑chum gun tèid mi dom àite, agus dom dhùthaich fhèin.

Mar sin chuir e a bhràithrean air falbh, agus dh’imich iad: agus thubhairt e riu, Feuchaibh nach cuir sibh a‑mach air a chèile air an t‑slighe.

An sin thubhairt Ahimaas mac Shadoic, Leig dhomh ruith a‑nis, agus sgeul a thoirt a dh’ionnsaigh an rìgh gun do shaor an Tighearna e à làimh a naimhdean.

Ma chì thu fear a bhios ealamh na ghnothaichean, seasaidh e an làthair rìghrean; cha seas e an làthair dhaoine ìosal.

Na abair, Ciod a b’adhbhar gu robh na ciad làithean na b’fheàrr na iad seo? Oir chan ann o ghliocas a dh’fheòraicheas tu mun nì seo.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan