Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn.
Agus thubhairt an rìgh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah? Leigibh leis mallachadh, a chionn gun dubhairt an Tighearna ris, Mallaich Daibhidh: agus cò a their, Carson a rinn thu mar seo?
Gabhaibh mnathan, agus ginibh mic agus nigheanan; agus gabhaibh mnathan dur mic, agus thugaibh ur nigheanan do fhir, a‑chum gum beir iad mic agus nigheanan; a‑chum gum meudaichear sibh anns an àite sin, agus nach lùghdaichear sibh.