Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:5

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt an seirbhiseach ris, Mas e is nach bi a’ bhean toileach air mise a leantainn don tìr seo, an èiginn dhomh do mhac a thoirt air ais a‑rìs don tìr as an tàinig thu?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt mi rim mhaighistir, Theagamh nach lean a’ bhean mi:

Ach thèid thu dom dhùthaich fhèin, agus a‑chum mo luchd-dàimh, agus gabhaidh tu bean dom mhac Isaac.

Agus ghairm iad air Rebecah, agus thubhairt iad rithe, An tèid thu leis an duine seo? Agus thubhairt i, Thèid.

Agus thubhairt Abrahàm ris, Thoir an ro‑aire nach toir thu mo mhac an sin a‑rìs.

Na tabhair ainm an Tighearna do Dhia ann an dìomhanas; oir cha mheas an Tighearna neochiontach esan a bheir a ainm ann an dìomhanas.

Oir ma dhiùltas tu leigeadh leo imeachd, agus gun cùm thu iad fhathast,

Nì gach duine ciallach a ghnothach le eòlas; ach leigidh an t‑amadan ris a amaideachd.

Ach mionnaichidh tu, Mar as beò an Tighearna, ann am fìrinn, ann am breitheanas, agus ann an ionracas: agus beannaichidh na cinnich iad fhèin annsan, agus annsan nì iad uaill.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan