Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:48

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chrom mi sìos mo cheann, agus rinn mi adhradh don Tighearna, agus bheannaich mi an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, a threòraich mi anns an t‑slighe cheirt, a ghabhail nighean bràthair mo mhaighistir da mhac.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus ghin Betuel Rebecah: an ochdnar sin rug Milcah do Nàhor, bràthair Abrahàim.

Agus nuair a chuala seirbhiseach Abrahàim am briathran, chrom e e fhèin gu làr don Tighearna.

An sin ghairm mi trasgadh anns an àite sin aig abhainn Ahabha, a‑chum gun irioslaicheamaid sinn fhèin am fianais ar Dè, a dh’iarraidh air slighe cheart dhuinn fhèin, agus dar cloinn bhig, agus dar maoin uile.

Agus threòraich e iad air slighe cheirt, a‑chum gun rachadh iad gu baile tàimh.

Fìor-theagaisgidh mi thu, agus nochdaidh mi dhut an t‑slighe air an tigeadh dhut triall; seòlaidh mi dhut lem shùil.

Oir is e an Dia seo ar Dia-ne gu saoghal nan saoghal; stiùraidh e sinn gu ruig am bàs.

Agus teagaisgidh tu dhaibh na h‑òrdaighean agus na laghannan, agus nochdaidh tu dhaibh an t‑slighe air an còir dhaibh imeachd, agus an obair as còir dhaibh a dhèanamh.

Ann an slighe a’ ghliocais theagaisg mi thu: threòraich mi thu ann an ceuman dìreach.

Mar seo deir an Tighearna, d’fhear-saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan