Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:44

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a their ise rium, Ol thu fhèin, agus tàirngidh mise mar an ceudna dod chàmhail: guma h‑i sin fhèin a’ bhean a dh’òrdaich an Tighearna do mhac mo mhaighistir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thog an Tighearna Dia an aisne a thug e on duine suas na mnaoi, agus thug e i a‑chum an duine.

Agus tachradh e, a’ mhaighdeann ris an abair mise, Leig sìos, guidheam ort, do shoitheach, a‑chum is gun òl mi; agus their ise, Ol, agus bheir mise deoch dod chàmhail mar an ceudna: guma h‑i sin fhèin a dh’òrdaich thu dod sheirbhiseach Isaac; agus le sin bidh fhios agam gun do nochd thu coibhneas dom mhaighistir.

Feuch, tha mi am sheasamh làimh ris an tobar uisge; agus nuair a thig a’ mhaighdeann a‑mach a tharraing uisge, agus a their mi rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge ri òl as do shoitheach;

Agus mun do sguir mi de labhairt am chridhe, feuch thàinig Rebecah a‑mach, agus a soitheach air a gualainn; agus chaidh i sìos don tobar, agus tharraing i uisge; agus thubhairt mi rithe, Thoir dhomh deoch, guidheam ort:

Anns an uchd tilgear an crannchur; ach is ann on Tighearna a tha a riaghladh gu lèir.

An tì a dh’amaiseas air mnaoi, amaisidh e air nì math, agus gheibh e deagh-ghean on Tighearna.

Is iad oighreachd athraichean taigh agus saoibhreas; ach is ann on Tighearna a tha bean chiallach.

Ach dealbhaidh an duine fial nithean fiala; agus le nithean fiala daingnichear e.

Ach (mar as cubhaidh do mhnathan a tha ag aideachadh diadhachd), le deagh obraichean.

Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoidheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

Fa‑dheòidh, bithibh uile de aon inntinn, biodh co‑fhulangas agaibh ri chèile, gràdhaichibh a chèile mar bhràithrean, bithibh truacanta, càirdeil:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan