Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin do Abram, agus thubhairt e, Dod shliochd-sa bheir mise am fearann seo: agus thog e an sin altair don Tighearna, a dh’fhoillsicheadh dha.
Agus thubhairt an seirbhiseach ris, Mas e is nach bi a’ bhean toileach air mise a leantainn don tìr seo, an èiginn dhomh do mhac a thoirt air ais a‑rìs don tìr as an tàinig thu?
An sin thubhairt a athair agus a mhàthair ris, Nach eil bean air bith am measg nigheanan do bhràithrean, no am measg mo shluaigh uile, gun rachadh tu a ghabhail mnà de na Philistich neo-thimcheall-gheàrrte? Agus thubhairt Samson ra athair, Faigh dhomh i; oir tha i taitneach am shùilean.