Uime sin thubhairt i ri Abrahàm, Tilg a‑mach a’ bhan-tràill seo, agus a mac: oir cha bhi mac na ban-tràille seo na oighre maille rim mhac-sa, eadhon ri Isaac.
Agus air dha gun a bhith anfhann ann an creideamh, cha do chuir e an suim gu robh a chorp fhèin a‑nis marbh, air dha a bhith timcheall ceud bliadhna a dh’aois, no mairbhe brù Shàra: