Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:32

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig an duine don taigh, agus dh’fhuasgail e na càmhail, agus thug e seachad connlach agus innlinn airson nan càmhal, agus uisge a dh’ionnlad a chas, agus casan nan daoine a bha maille ris.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Thugar an seo, guidheam oirbh, beagan uisge, agus ionnlaidibh ur casan, agus leigibh ur n‑anail fon chraoibh;

Agus thubhairt e, Feuch a‑nis, mo thighearnan, tionndaidhibh a‑steach, guidheam oirbh, do thaigh ur seirbhisich, agus fanaibh rè na h‑oidhche, agus ionnlaidibh ur casan, agus èiridh sibh gu moch, agus thèid sibh air ur turas. Agus thubhairt iad, Chan eadh, ach fanaidh sinn air an t‑sràid rè na h‑oidhche.

Agus chuireadh biadh air a bheulaibh gu ithe: ach thubhairt e, Chan ith mi, gus an innis mi mo ghnothach. Agus thubhairt esan, Labhair romhad.

Agus nuair a chuala Làban sgeul Iàcoib, mac a pheathar, an sin ruith e na choinneamh, agus ghabh e na ghlacan e, agus phòg e e, agus thug e da thaigh e: agus dh’innis e do Làban na nithean sin uile.

Agus thug an duine na daoine a‑steach do thaigh Iòseiph, agus thug e uisge dhaibh, agus nigh iad an casan, agus thug e biadh dan asail.

Agus air tionndadh ris a’ mhnaoi, thubhairt e ri Sìmon, Am faic thu a’ bhean seo? Thàinig mi a‑steach dod thaigh, cha tug thu dhomh uisge airson mo chas; ach dh’ionnlaid ise mo chasan le deòir, agus thiormaich i iad le falt a cinn.

Air a bheil teisteas a‑thaobh dheagh obraichean; ma thog i clann, ma thug i aoidheachd seachad, ma dh’ionnlaid i casan nan naomh, ma dh’fhòir i air luchd-àmhghair, ma lean i gu dìcheallach gach deagh obair.

Agus thug e a‑steach e da thaigh, agus thug e innlinn do na h‑asail: agus nigh iad an casan, agus dh’ith agus dh’òl iad.

Agus dh’èirich i, agus chrom i i fhèin air a h‑aghaidh a dh’ionnsaigh na talmhainn, agus thubhairt i, Feuch, biodh do bhanoglach na h‑innilt a nighe casan seirbhisich mo thighearna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan