Agus chaidh Làban a‑steach do bhùth Iàcoib, agus do bhùth Lèah, agus do bhùth an dà bhanoglaich; ach cha d’fhuair e iad. An sin chaidh e a‑mach à bùth Lèah, agus chaidh e a‑steach do bhùth Racheil.
Agus thug Isaac i do bhùth Shàrah a mhàthair, agus ghabh e Rebecah, agus bha i aige na mnaoi: agus ghràdhaich e i: agus fhuair Isaac sòlas an dèidh bàs a mhàthar.
Agus chrom mi sìos mo cheann, agus rinn mi adhradh don Tighearna, agus bheannaich mi an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, a threòraich mi anns an t‑slighe cheirt, a ghabhail nighean bràthair mo mhaighistir da mhac.