Agus ghreas i oirre, agus dh’fhalmhaich i a soitheach anns an amar, agus ruith i a‑rìs don tobar a tharraing uisge; agus tharraing i airson a chàmhal uile.
Agus bha an duine ag amharc le iongantas oirre, agus a’ fantainn na thosd, a dh’fheuchainn an tug, no nach tug, an Tighearna air a thuras soirbheachadh leis.
Agus bheannaich e Iòseph, agus thubhairt e, Gun dèanadh Dia, an làthair an do ghluais m’athraichean, Abrahàm agus Isaac, an Dia a bheathaich mi rè mo bheatha uile gus an là‑an‑diugh,