Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Abrahàm ra sheirbhiseach a bu shine na thaigh, aig an robh riaghladh gach nì a bha aige, Cuir, guidheam ort, do làmh fom shliasaid.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Abram, A Thighearna Dhè, ciod a bheir thu dhomh, agus mi ag imeachd gun chloinn, agus gur e Elièser seo o Dhamascas fear-riaghlaidh mo thaighe?

Agus thubhairt e, Is mise seirbhiseach Abrahàim;

Agus thug mo mhaighistir ormsa mo mhionnan a thoirt, ag ràdh, Cha ghabh thu bean dom mhac de nigheanan nan Canàanach, muinntir a tha mise a chòmhnaidh nam fearann:

Agus dh’àithn e do fhear-riaghlaidh a thaighe, ag ràdh, Lìon saic nan daoine le sìol, a mheud agus as urrainn iad a ghiùlan, agus cuir airgead gach duine am beul a shaic.

Agus dhlùthaich an t‑àm anns am b’èiginn do Israel bàs fhaotainn: agus ghairm e air a mhac Iòseph, agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shealladh, cuir, guidheam ort, do làmh fom leis, agus buin gu coibhneil agus gu fìrinneach rium; na adhlaic mi, guidheam ort, anns an Eiphit:

Agus thubhairt e, Mionnaich dhomh: agus mhionnaich e dha. Agus chrom Israel e fhèin air ceann-adhairt na leapa.

Agus thàinig seanairean a thaighe da ionnsaigh, ga thogail suas on talamh: ach cha b’àill leis, cha mhò a dh’ith e aran maille riu.

Agus rinn a sheirbhiseach Simri, ceannard leth a charbadan, ceannairc na aghaidh nuair a bha e ann an Tirsah, ag òl gus an robh e air mhisg ann an taigh Arsah, a bha os cionn a thaighe ann an Tirsah.

Agus strìochd na h‑uachdarain uile, agus na daoine cumhachdach, agus mar an ceudna uile mhic rìgh Daibhidh, iad fhèin do Sholamh an rìgh.

Measar gur airidh na seanairean a riaghlas gu math air urram dùbailte, gu h‑àraidh iadsan a tha a’ saothrachadh anns an fhacal agus ann an teagasg.

Agus fhreagair an t‑òglach a chuireadh os cionn nam buanaichean, agus thubhairt e, Is i seo an òg‑bhean Mhòabach, a thàinig air a h‑ais maille ri Naòmi à fearann Mhòaib:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan