Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:17

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ruith an seirbhiseach na coinneamh, agus thubhairt e, Leig dhomh, guidheam ort, beagan uisge òl as do shoitheach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus mun do sguir mi de labhairt am chridhe, feuch thàinig Rebecah a‑mach, agus a soitheach air a gualainn; agus chaidh i sìos don tobar, agus tharraing i uisge; agus thubhairt mi rithe, Thoir dhomh deoch, guidheam ort:

Agus dh’èirich e, agus chaidh e do Sharephat: agus nuair a thàinig e gu geata a’ bhaile, feuch, bha a’ bhantrach an sin a’ tional bhioran; agus ghairm e oirre, agus thubhairt e, Thoir am ionnsaigh, guidheam ort, beagan uisge ann an soitheach, a‑chum gun òl mi.

Thug luchd-àiteachaidh tìr Thema uisge a dh’ionnsaigh an tartmhoir; len aran thàinig iad an còmhdhail an fhògarraich.

Agus air gach beinn mhòir, agus air gach cnoc àrd, bidh caochain agus sruthan uisge; ann an là an àir mhòir, nuair a thuiteas na baidealan.

Cha bhi acras no tart orra, cha mhò a bhuaileas an teas no a’ ghrian iad; oir nì esan aig a bheil iochd orra an stiùradh, agus treòraichidh e iad a‑chum nan sruthan uisge.

Thàinig bean o Shamaria a tharraing uisge: thubhairt Iosa rithe, Thoir dhòmhsa deoch.

An sin thubhairt a’ bhean o Shamaria ris, Cionnas a tha thusa agus gur Iùdhach thu ag iarraidh deoch uam-sa, a tha am bhan-Shamaritanaich? Oir chan eil comann aig na h‑Iùdhaich ris na Samaritanaich.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan