Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tachradh e, a’ mhaighdeann ris an abair mise, Leig sìos, guidheam ort, do shoitheach, a‑chum is gun òl mi; agus their ise, Ol, agus bheir mise deoch dod chàmhail mar an ceudna: guma h‑i sin fhèin a dh’òrdaich thu dod sheirbhiseach Isaac; agus le sin bidh fhios agam gun do nochd thu coibhneas dom mhaighistir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt esan, A Thighearna Dhè, cia leis a bhios fhios agam gun sealbhaich mi e?

Feuch, tha mi am sheasamh an seo làimh ris an tobar uisge, agus thig nigheanan muinntir a’ bhaile a‑mach a tharraing uisge;

Agus mun do sguir e de labhairt, feuch, thàinig Rebecah a‑mach, a rugadh do Bhetuel, mac Mhilcah, bean Nahoir, bràthair Abrahàim; agus a soitheach air a gualainn.

Agus thubhairt i, Ol, mo thighearna: agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach air a làimh, agus thug i dha deoch.

Agus an dèidh dhi deoch a thoirt dha, thubhairt i, Tàirngidh mi uisge airson do chàmhal mar an ceudna, gus an sguir iad a dh’òl.

Feuch, tha mi am sheasamh làimh ris an tobar uisge; agus nuair a thig a’ mhaighdeann a‑mach a tharraing uisge, agus a their mi rithe, Thoir dhomh, guidheam ort, beagan uisge ri òl as do shoitheach;

Agus a their ise rium, Ol thu fhèin, agus tàirngidh mise mar an ceudna dod chàmhail: guma h‑i sin fhèin a’ bhean a dh’òrdaich an Tighearna do mhac mo mhaighistir.

Agus thubhairt Ioab ri Amasa, A bheil thu slàn, a bhràthair? Agus ghlac Ioab le a dheas làimh Amasa air a fheusaig, a thabhairt pòige dha.

Agus nuair a chluinneas tu fuaim siubhail ann am mullach craobhan nan smeur, an sin gluaisidh tu thu fhèin; oir an sin thèid an Tighearna a‑mach romhad, a bhualadh feachd nam Philisteach.

Is iad oighreachd athraichean taigh agus saoibhreas; ach is ann on Tighearna a tha bean chiallach.

Iarr dhut fhèin comharradh on Tighearna do Dhia; iarr anns an doimhne, no anns an àirde shuas.

A‑ghnàth a’ guidhe ann am ùrnaighean (nam faodainn a‑nis fa‑dheòidh air aon chor le toil Dhè turas soirbheachail fhaotainn), ri teachd dur n‑ionnsaigh-se.

Agus thubhairt iad ris, Iarr comhairle, guidheamaid ort, air Dia, a‑chum gum bi fhios againn an soirbhich leinn nar slighe air a bheil sinn ag imeachd.

Agus thubhairt e ris, Ma fhuair mi a‑nis deagh-ghean ad shùilean, an sin nochd comharradh dhomh gur tusa a tha a’ labhairt rium.

Feuch, cuiridh mi lomradh olla air an ùrlar-bhualaidh; agus ma bhios an drùchd air an lomradh a‑mhàin, agus tiormachd air an talamh uile, an sin bidh fios agam gun saor thu Israel lem làimh, mar a thubhairt thu.

Ma their e mar seo, Ro‑mhath; bidh sìth aig do sheirbhiseach: ach ma bhios fearg ro‑mhòr air, an sin bi cinnteach gu bheil olc air a shònrachadh leis.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan