Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt e, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, deònaich gun soirbhich leamsa an‑diugh, agus nochd coibhneas dom mhaighistir Abrahàm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

29 Iomraidhean Croise  

An dèidh nan nithean sin thàinig facal an Tighearna gu Abram ann an taisbeanadh, ag ràdh, Na biodh eagal ort, Abraim: is mise do sgiath agus do dhuais ro‑mhòr.

Agus bha an duine ag amharc le iongantas oirre, agus a’ fantainn na thosd, a dh’fheuchainn an tug, no nach tug, an Tighearna air a thuras soirbheachadh leis.

Agus thubhairt e, Beannaichte gu robh an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, nach do bhuin a thròcair agus a fhìrinn om mhaighistir; air dhòmhsa a bhith anns an t‑slighe stiùir an Tighearna mi gu taigh bràithrean mo mhaighistir.

Agus thàinig mi an‑diugh a‑chum an tobair, agus thubhairt mi, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, ma shoirbhicheas tu a‑nis mo thuras air a bheil mi ag imeachd;

Agus chrom mi sìos mo cheann, agus rinn mi adhradh don Tighearna, agus bheannaich mi an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, a threòraich mi anns an t‑slighe cheirt, a ghabhail nighean bràthair mo mhaighistir da mhac.

Agus dh’fhoillsich an Tighearna e fhèin dha anns an oidhche sin fhèin, agus thubhairt e, Is mise Dia Abrahàim d’athair; na biodh eagal ort, oir tha mise maille riut, agus beannaichidh mi thu, agus nì mi do shliochd lìonmhor air sgàth mo sheirbhisich Abrahàm.

Agus bheir thu a dh’ionnsaigh d’athar e, a‑chum gun ith e, agus a‑chum gum beannaich e thu ro a bhàs.

Agus thubhairt Isaac ra mhac, Cionnas a fhuair thu i cho luath, a mhic? Agus thubhairt esan, A chionn gun do chuir an Tighearna do Dhia am rathad i.

Agus, feuch, sheas an Tighearna os a chionn, agus thubhairt e, Is mise an Tighearna, Dia Abrahàim d’athair, agus Dia Isaaic: am fearann air a bheil thu ad laighe, bheir mise dhut e, agus dod shliochd;

Mura biodh gu robh Dia m’athar, Dia Abrahàim, agus eagal Isaaic maille rium, gu cinnteach chuireadh tu a‑nis air falbh mi falamh. Chunnaic Dia m’àmhghar agus saothair mo làmh, agus chronaich e thu a‑raoir.

Chan airidh mi air a’ chuid as lugha de na tròcairean sin uile, no den fhìrinn sin uile, a nochd thu dod sheirbhiseach; oir lem luirg thàinig mi thar an Iòrdan seo, agus tha mi a‑nis am dhà bhuidhinn.

Agus thubhairt Iàcob, O Dhè m’athar Abrahàm, agus a Dhè m’athar Isaac, a Thighearna a thubhairt rium, Till gud dhùthaich, agus gud dhìlsean, agus nì mi math dhut:

Agus gun tugadh Dia Uile-chumhachdach tròcair dhuibh an làthair an duine, a‑chum is gun leig e air falbh leibh ur bràthair eile, agus Beniàmin: ach ma chaill mise mo chlann, chaill mi iad.

Agus ann an àm toirt suas na h‑ìobairt-fheasgair, thàinig Eliah am fàidh am fagas, agus thubhairt e, A Thighearna Dhè Abrahàim, Isaaic, agus Israeil, biodh fios an‑diugh gur tusa as Dia ann an Israel, agus gur mise d’òglach, agus gur ann air d’fhacal-sa a rinn mi na nithean seo uile.

Agus ghabh e fallaing Eliah a thuit uaithe, agus bhuail e na h‑uisgeachan, agus thubhairt e, Càit a‑nis a bheil an Tighearna, Dia Eliah? Agus nuair a bhuail e na h‑uisgeachan, roinneadh iad a‑null agus a‑nall, agus chaidh Elisa thairis.

A Thighearna, guidheam ort, biodh do chluas a‑nis furachair ri ùrnaigh do sheirbhisich, agus ri ùrnaigh d’òglaich, leis am miann eagal d’ainme a bhith orra: agus soirbhich, guidheam ort, led sheirbhiseach an‑diugh, agus thoir dha tròcair ann an sealladh an duine seo. A‑nis bha mise am ghille-cupain aig an rìgh.

Agus thubhairt an rìgh rium, Ciod e seo a tha thu ag iarraidh? Agus rinn mi ùrnaigh ri Dia nan nèamh:

Guidheamaid ort, a Thighearna, saor a‑nis; guidheamaid ort, a Thighearna, soirbhich leinn a‑nis.

Guidhibh-se airson sìth Ierusaleim; soirbhichidh iadsan leis an ionmhainn thu.

Mura tog an Tighearna an taigh, gu dìomhain saothraichidh a luchd-togail; mura glèidh an Tighearna am baile, gu dìomhain nì am fear-coimhead faire.

Tabhair suas do shlighe don Tighearna, agus earb as, agus nì e e;

Agus thubhairt Dia a thuilleadh air seo ri Maois, Mar seo their thu ri cloinn Israeil, Chuir an Tighearna, Dia ur n‑athraichean, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib, mise dur n‑ionnsaigh: is e seo m’ainm, a‑chaoidh; agus is e seo mo chuimhneachan do gach uile ghinealach.

Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.

Ann ad uile shlighean aidich e, agus seòlaidh esan do cheuman.

Is mise Dia Abrahàim, agus Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib? Chan e Dia Dia nam marbh, ach nam beò.

Na biodh ro‑chùram nì sam bith oirbh: ach anns gach uile nì le ùrnaigh agus aslachadh maille ri breith-buidheachais, biodh ur n‑iarrtais air an dèanamh aithnichte do Dhia.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan