Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 24:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thug e air na càmhail an glùn a lùbadh an taobh a‑muigh den bhaile, làimh ri tobar uisge, mu thràth feasgair, eadhon mun àm anns an tèid mnathan a‑mach a tharraing uisge.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

Agus thàinig mi an‑diugh a‑chum an tobair, agus thubhairt mi, O Thighearna, Dhè mo mhaighistir Abrahàm, ma shoirbhicheas tu a‑nis mo thuras air a bheil mi ag imeachd;

Agus dh’amhairc e, agus, feuch, tobar anns a’ mhachair, agus, feuch bha an sin trì treudan chaorach nan laighe làimh ris; oir as an tobar sin thug iad uisge do na treudan: agus bha clach mhòr air beul an tobair.

A‑nis nuair a chuala Phàraoh an nì seo, dh’iarr e Maois a mharbhadh, ach theich Maois o aghaidh Phàraoh, agus ghabh e còmhnaidh ann an tìr Mhidiain; agus shuidh e sìos làimh ri tobar.

A‑nis bha aig sagart Mhidiain seachdnar nighean: agus thàinig iad agus tharraing iad uisge agus lìon iad na h‑amair a thoirt uisge do threud an athar.

Bidh cùram aig an duine ionraic de bheatha a ainmhidh; ach is an‑iochdmhor truacantais nan aingidh.

Thàinig bean o Shamaria a tharraing uisge: thubhairt Iosa rithe, Thoir dhòmhsa deoch.

Iadsan a tha air an saoradh o fhuaim nam fear-bogha ann an ionadan tarraing an uisge, an sin aithrisidh iad gnìomharan cothromach an Tighearna, eadhon na gnìomharan cothromach a‑thaobh luchd-àiteachaidh a bhailtean ann an Israel: an sin thèid sluagh an Tighearna sìos a dh’ionnsaigh nan geatachan.

Agus nuair a chaidh iad suas uchdach a’ bhaile, fhuair iad gruagaichean a’ dol a‑mach a tharraing uisge, agus thubhairt iad riu, A bheil am fear-seallaidh an seo?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan