A‑chum is gun toir e dhomh uaimh Mhachpelah a tha aige, a tha ann an crìch a achaidh; airson uiread airgid agus as fiù i, thugadh e dhomh i mar sheilbh àit-adhlaic nur measg-se.
Agus bha Ephron na chòmhnaidh am measg clann Het. Agus fhreagair Ephron an t‑Hiteach Abrahàm ann an èisdeachd clann Het, eadhon gach neach a chaidh a‑steach air geata a bhaile-san, ag ràdh,
Agus dh’àithn e dhaibh, agus thubhairt e riu, Cruinnichear mise a‑chum mo dhaoine: adhlaicibh mi maille rim athraichean anns an uaimh a tha ann an achadh Ephroin an t‑Hiteach;
Oir ghiùlain a mhic e do thìr Chanàain, agus dh’adhlaic iad e ann an uaimh achadh Mhachpelah, a cheannaich Abrahàm maille ris an achadh mar sheilbh àit-adhlaic, o Ephron an t‑Hiteach, fa chomhair Mhamre.
An sin thubhairt Daibhidh ri Ornan, Thoir dhòmhsa àit an ùrlair-bhualaidh seo, a‑chum gun tog mi altair ann don Tighearna; air a làn luach bheir thu dhomh e, a‑chum gun caisgear a’ phlàigh on t‑sluagh.
Agus thubhairt rìgh Daibhidh ri Ornan, Chan eadh, ach gu deimhinn ceannaichidh mi iad air an làn luach; oir cha ghabh mi an nì as leatsa gu a thoirt don Tighearna, agus cha toir mi suas ìobairtean-loisgte gun chostas.