Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



Genesis 23:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Eisd rinne, mo thighearna: is uachdaran cumhachdach thusa nar measg-ne; ann an roghainn ar n‑àiteachan-adhlaic adhlaic do mharbh: cha chùm duine nar measg-ne a àit-adhlaic uat, gud mharbh adhlac ann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

19 Iomraidhean Croise  

Agus bha Abram ro‑shaoibhir ann an sprèidh, ann an airgead, agus ann an òr.

Agus nuair a chuala Abram gun do ghlacadh a bhràthair na phrìosanach, dh’armaich e a sheirbhisich ionnsaichte, a rugadh na thaigh fhèin, trì cheud agus ochd-deug, agus lean e iad gu Dan.

Uime sin rinn Sàrah gàire innte fhèin, ag ràdh, An dèidh dhòmhsa fàs aosda, am bi subhachas agam, agus gu bheil mo thighearna aosda mar an ceudna?

A‑nis, matà, thoir air a h‑ais don duine a bhean; oir is fàidh e, agus nì e ùrnaigh air do shon, agus bidh tu beò: ach mura toir thu air a h‑ais i, biodh fhios agad gum faigh thu bàs gu cinnteach, thu fhèin agus gach uile as leat.

Agus anns an àm sin fhèin labhair Abimelech, agus Phicol, àrd-cheannard a shluaigh, ri Abrahàm, ag ràdh, Tha Dia leat anns gach nì a tha thu a’ dèanamh.

Agus fhreagair mic Het Abrahàm, ag ràdh ris,

Agus dh’èirich Abrahàm suas, agus chrom e e fhèin do mhuinntir na tìre, eadhon do mhic Het.

Agus thubhairt i, Ol, mo thighearna: agus ghreas i oirre, agus leig i sìos a soitheach air a làimh, agus thug i dha deoch.

Agus bheannaich an Tighearna mo mhaighistir gu mòr, agus tha e air fàs cumhachdach: agus thug e dha caoraich, agus crodh, agus airgead, agus òr, agus òglaich, agus banoglaich, agus càmhail agus asail;

Agus thubhairt i ra h‑athair, Na cuireadh e corraich air mo thighearna nach urrainn mi èirigh suas ad fhianais, oir tha orm a rèir gnàth nam ban: agus rannsaich e, ach cha d’fhuair e na dealbhan.

An sin their thusa, Buinidh iad dod sheirbhiseach Iàcob; is tìodhlac a tha ann, a chuireadh a dh’ionnsaigh mo thighearna Esau: agus, feuch, mar an ceudna tha e fhèin nar dèidh.

Agus thubhairt iad ris, Chan eadh, mo thighearna, ach is ann a thàinig do sheirbhisich a cheannach bìdh:

Nach e seo an cupan as a bheil mo thighearna ag òl, agus leis a bheil e da‑rìribh a’ dèanamh fiosachd? Is olc a fhuaireadh sibh seo a dhèanamh.

Feuch, an t‑airgead a fhuair sinn ann am beul ar sac, thug sinn a‑rìs ad ionnsaigh à tìr Chanàain; cionnas, uime sin, a ghoideamaid airgead no òr à taigh do thighearna?

Agus thubhairt Aaron, Na lasadh fearg mo thighearna: is aithne dhut an sluagh, gu bheil iad so‑aomaidh a dh’ionnsaigh an uilc.

Mar seo deir an Tighearna, Saothair na h‑Eiphit, agus ceannachd Etiopia, agus na Sabeich, daoine àrda ann an cruth; thig iad thairis ad ionnsaigh, agus bidh iad leat; leanaidh iad thu; ann an cuibhrichean thig iad thairis; agus cromaidh iad sìos dhut, agus cuiridh iad suas athchuinge riut; ag ràdh, Gu deimhinn annadsa tha Dia; agus chan eil Dia eile ann.

Agus thubhairt ise, Faigheam deagh-ghean ad shùilean, mo Thighearna, do bhrìgh gun tug thu sòlas dhomh, agus gun do labhair thu gu coibhneil rid bhanoglaich, ged nach eil mi cosmhail ri aon ded ghruagaichean-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan