Genesis 23:4Am Bìoball Gàidhlig 1992Is coigreach agus fear-cuairt mise maille ribh: thugaibh dhomh sealbh àit-adhlaic maille ribh, agus gun adhlaic mi mo mharbh as mo shealladh. Faic an caibideil |
Mar an ceudna, nuair a bhios eagal orra ro nì àrd, agus a bhios uamhasan anns an t‑slighe, agus a bhios a’ chraobh-almoin fo bhlàth, agus a bhios an leumnach uaine na eallaich, agus a theirgeas miann; a chionn gu bheil an duine a’ triall da chòmhnaidh bhuan, agus gu bheil an luchd-cumhaidh a’ dol mun cuairt anns na sràidean;